Nuair a bha an fheòil fhathast eadar am fiaclan, mun do chagnadh i, las fearg an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh, agus bhuail an Tighearna an sluagh le plàigh ro‑mhòir.
Carson uime sin a thugadh an lagh? Thugadh e airson easaontais, gus an tigeadh an sìol, don do rinneadh an gealladh; air òrdachadh le ainglean ann an làimh eadar-mheadhonair.
Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel.
Ma gheibhear nur measg, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fear no bean a rinn aingidheachd ann an sùilean an Tighearna do Dhia, le a choicheangal a bhriseadh,
An sin bheir thu a‑mach am fear sin no a’ bhean sin, a rinn an nì aingidh sin, a‑chum do gheatachan, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachan gus am bàsaich iad.
Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.
Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:
Tha againn mar an ceudna facal fàidheadaireachd as cinntiche; dom math a nì sibh aire a thoirt, mar do lòchran a tha a’ toirt solais uaithe ann an ionad dorcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an reul-mhaidne nur cridheachan:
Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Eiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid.