Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Molaibh-se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal.

Cuiridh mi an cèill d’ainm dom bhràithrean; ann am meadhon a’ choitheanail molaidh mi thu.

Ortsa bidh mo mholadh anns a’ mhòr-choitheanal; mo bhòidean ìocaidh mi nan làthair-san don eagal e.

Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.

Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan