Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 2:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

46 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.

An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù.

Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich, na cheann-iùil agus na uachdaran do na slòigh.

Seadh, ged a thuarasdalaich iad am measg nan cinneach, a‑nis tionailidh mise iad ri chèile; agus bidh iad gu goirid air an cràdh le uallach an rìgh agus a uachdaran.

Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.

Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe.

Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth, deagh-ghean do dhaoine.

Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

Agus chan ann airson a’ chinnich sin a‑mhàin, ach a‑chum mar an ceudna gun cruinnicheadh e an ceann a chèile, nan aon, clann Dhè a bha air an sgapadh.

An sin nuair a ghabh Iosa am fìon-geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad.

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

Esan dh’àrdaich Dia le a dheas-làimh na Cheannard agus na Shlànaighear, a thoirt aithreachais agus maitheanas pheacaidhean do Israel.

Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

Agus a‑chum gun dèanadh e aithnichte saoibhreas a ghlòire air soithichean na tròcair, a dh’ullaich e ro‑làimh a‑chum glòire,

Ach tha sinn a’ labhairt gliocas Dhè ann an rùn-diamhair, an gliocas sin a bha falaichte, a dh’òrdaich Dia ron t‑saoghal a‑chum ar glòir-ne:

Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon-san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan.

Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;

Agus bidh mi am Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic agus nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile-chumhachdach ag ràdh.

Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd.

A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.

A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.

Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.

Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh.

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.

Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan