An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.
Oir feuch, dùisgidh mi suas na Caldèanaich, an cinneach searbh agus dian sin, a dh’imicheas tro leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h‑àiteachan-còmhnaidh nach leo fhèin.
Tha thu air do lìonadh le nàire an àite glòire: òl thusa fòs, agus biodh do ro‑chraiceann air a leigeadh ris: riutsa tillear cupan làmh dheas an Tighearna; agus bidh sgeith nàireach air do ghlòir.
Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.
An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad.
Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gun dìochuimhnich sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a rinn e ribh, agus gun dèan sibh dhuibh fhèin dealbh snaidhte, coslas nì air bith a thoirmisg an Tighearna do Dhia dhut:
A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:
Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:
An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne: