Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bithibh cuimhneachail air ur cinn-iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh-san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh-beatha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Mura bheil fhios agad, O thusa as àillidh am measg bhan, imich a‑mach air luirg an treud, agus ionaltair do mhinn làimh ri bùthan nan aodhairean.

Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?

Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?

Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth-theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,

Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.

An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.

Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad.

Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.

Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.

Bithibh-se nur luchd-leanmhainn ormsa, amhail a tha mise air Crìosd.

Uime sin guidheam oirbh, bithibh nur luchd-leanmhainn ormsa.

A bhràithrean, bithibh-se le chèile nur luchd-leanmhainn ormsa, agus thugaibh an aire dhaibhsan a tha a’ gluasad air an dòigh sin mar a tha sinne nar n‑eisempleir agaibh.

Agus rinneadh sibh nur luchd-leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr-àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:

Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.

Oir tha fhios agaibh fhèin cionnas as còir dhuibh ar lorg-ne a leantainn: oir cha do ghiùlain sinn sinn fhèin gu mì‑riaghailteach nur measg;

Chan e nach eil comas againn, ach a‑chum gun dèanamaid sinn fhèin nar n‑eisempleir dhuibhse, gu ar leantainn.

(Oir mura aithne do dhuine a thaigh fhèin a riaghladh, cionnas a ghabhas e cùram de eaglais Dhè?)

Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.

Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn-iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.

A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd-leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.

Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan