Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.
Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.
Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi dhut? Agus thubhairt Iàcob, Cha toir thu nì sam bith dhomh: ma nì thu an nì seo rium, ionaltraidh mi a‑rìs, agus gleidhidh mi do threud.
Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.
Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Nuair a bhios am bochd agus an t‑ainnis ag iarraidh uisge, agus nach bi e ann; agus a bhios an teanga air tiormachadh le tart; mise Iehòbhah freagraidh mi iad; Dia Israeil, is mi nach trèig iad.
Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.
Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad.
Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?
Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.
Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.
Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.
Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch-bheusan; nan luchd-cogarsaich,
Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear-neòghlaine, no sanntach, no na fhear-iodhal-adhraidh, no na fhear-ana-cainnt, no na mhisgeir, no na fhear-fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe.
Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal-adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè.
Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.
(Oir is Dia tròcaireach an Tighearna do Dhia-sa) cha trèig e thu, cha mhò a sgriosas e thu, no a dhìochuimhnicheas e coicheangal d’athraichean, a mhionnaich e dhaibh.
Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.
Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh lethcheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha.
Aig a bheil an sùilean làn adhaltranais, agus do nach eil e an comas sgur de pheacadh; a’ mealladh anaman neo-shuidhichte; aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gnìomharan sanntach; clann nam mallachd:
Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.
Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.