Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus thug an Tighearna Dia air cadal trom tuiteam air Adhamh, agus chaidil e: agus ghabh e aon de a aisnean, agus dhùin e an fheòil suas na h‑àite;

Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.

Uime sin chaidh Hilciah an sagart, agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan, agus Asahiah, a dh’ionnsaigh Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim mhic Thicbhah, mhic Harhais, fear-gleidhidh an aodaich (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem anns an oilthaigh), agus labhair iad rithe.

Oir is teine e a loisgeas a‑chum sgrios, agus a spìonadh as m’fhàs uile.

Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan-fhàidh; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thubhairt an Tighearna rium, Thoir mar ainm air Maher-salal-has-bas:

Mar an ceudna, a’ bhean leis an laigh fear le sìol-gin, nighidh iad araon iad fhèin ann an uisge, agus bidh iad neòghlan gu feasgar.

Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Ach tha Dia a’ toirt breith orra-san a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin.

Teichibh o strìopachas. Tha gach aon pheacadh a nì duine an leth a‑muigh den chorp: ach an tì a nì strìopachas, tha e a’ peacachadh an aghaibh a chuirp fhèin.

Nach eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd-dèanamh na h‑eucoir rìoghachd Dhè? Na meallar sibh: cha sealbhaich luchd-strìopachais, no luchd-iodhal-adhraidh, no luchd-adhaltranais, no luchd-macnais, no na daoine a tha ciontach de neò-ghlaine mhì-nàdurra,

Uime sin, mas eadh, tha an tì a bheir seachad ann am pòsadh i a’ dèanamh gu math; ach tha an tì nach toir ann am pòsadh i a’ dèanamh nas fheàrr.

Nach eil againne comas piuthar, bean-phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas?

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas.

Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.

Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal-adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè.

Ma gheibhear duine a’ laighe le mnaoi a tha pòsda ri fear, an sin cuirear gu bàs iad le chèile, an duine a laigh leis a’ mhnaoi, agus a’ bhean; mar sin cuiridh tu olc air falbh o Israel.

Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.

Biodh na dèacoin nam fir aon mhnà, a’ riaghladh an cloinne, agus an taighe fhèin gu math.

Uime sin is còir do easbaig a bhith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh-bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg;

Na dhuine a riaghlas a thaigh fhèin gu math, aig a bheil a chlann fo smachd maille ris an uile shuidheachadh inntinn;

A’ toirmeasg pòsaidh agus ag iarraidh biadhan a sheachnadh, a chruthaich Dia a‑chum an gabhail maille ri breith-buidheachais leòsan a tha a’ creidsinn, agus aig a bheil eòlas na fìrinn.

Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion-fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach.

Ma tha neach sam bith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, aig a bheil a chlann creidmheach, nach eil fo mhì-chliù a‑thaobh ana-caitheimh, no eas-umhail:

Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith.

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan