Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, cha do chuimhnich an t‑àrd-bhuidealair air Iòseph, ach dhìochuimhnich e e.

Lomnochd, agus dh’èidich sibh mi: bha mi easlan, agus thàinig sibh gam amharc: bha mi ann am prìosan, agus thàinig sibh am ionnsaigh.

Bha mi am choigreach, agus cha tug sibh aoidheachd dhomh: lomnochd, agus cha d’èidich sibh mi: easlan agus ann am prìosan, agus cha tàinig sibh gam amharc.

Agus dh’àithn e do cheannard-ceud Pòl a ghleidheadh, agus e a bhith fuasgailte aige, agus gun neach de a mhuinntir fhèin a bhacadh o fhrithealadh dha, no teachd da ionnsaigh.

Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Agus ma dh’fhuilingeas aon bhall, co‑fhuilingidh na buill uile; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill uile gàirdeachas maille ris.

Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;

Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin. Cuimhnichibh mo chuibhrichean. Gràs gu robh maille ribh. Amen.

Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.

Chlachadh iad, shàbhadh as a chèile iad, bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs leis a’ chlaidheamh iad: chaidh iad mun cuairt nam fògarraich ann an craicinn chaorach agus ghobhar, ann an uireasbhaidh, ann an trioblaidean, ann an cràdh;

Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan