Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gràs gu robh maille ribh uile. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.

Tha Gaius, a tha a’ toirt aoidheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair.

Gu robh gràs maille riùsan uile a tha a’ gràdhachadh ar Tighearna Iosa Crìosd ann an treibhdhireas. Amen.

Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin. Cuimhnichibh mo chuibhrichean. Gràs gu robh maille ribh. Amen.

Gu robh an Tighearna Iosa Crìosd maille rid spiorad. Gràs maille ribh. Amen.

Tha an dream a tha maille rium uile a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte orra-san len ionmhainn sinn anns a’ chreideamh. Gràs maille ribh uile. Amen.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.

Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan