Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn-iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.

Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.

An sin fhreagair Ananias, A Thighearna, chuala mi o mhòran mun duine seo, cia lìon olc a rinn e dod naoimh ann an Ierusalem:

Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne.

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile:

Tha na naoimh uile a’ cur beannachd dur n‑ionnsaigh.

Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:

Tha na naoimh uile a’ cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.

A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd.

Air dhomh a bhith a’ cluinntinn mud ghràdh, agus a’ chreidimh a tha agad a‑thaobh an Tighearna Iosa, agus a‑thaobh nan uile naomh;

Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.

Bithibh cuimhneachail air ur cinn-iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh-san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh-beatha:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan