Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

53 Iomraidhean Croise  

Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs.

Agus dhaingnich e sin do Iàcob mar lagh, do Israel mar choicheangal bithbhuan,

Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna.

Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth.

O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach.

Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.

Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

Oir is mise an Tighearna, leis an ionmhainn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais-loisgte; agus cuiridh mi air a h‑aghaidh an obair ann am fìrinn; agus coicheangal sìorraidh nì mi riu.

An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth?

Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium.

Agus cuiridh mi suas aon aodhair os an cionn, agus beathaichidh esan iad, eadhon mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, agus bidh e dhaibh na aodhair.

Agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh os an cionn: agus bidh aon bhuachaille aca uile: gluaisidh iad fòs ann am reachdan, agus bheir iad fa‑near m’òrdaighean, agus nì iad iad.

A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh-ionad nam meadhon gu bràth.

Air mo shon-sa fòs, le fuil do choicheangail chuir mi a‑mach do phrìosanaich as an t‑sloc anns nach robh uisge sam bith.

Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.

Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.

Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach.

Is mise am buachaille math, agus is aithne dhomh mo chaoraich fhèin, agus aithnichear lem chaoraich fhèin mi.

Ach thog Dia suas o na mairbh e:

Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh.

Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:

An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.

Thog Dia ar n‑athraichean Iosa, a mharbh sibhse agus a chroch sibh air crann.

A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh:

No, Cò a thèid sìos don doimhne? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑rìs air ais o na mairbh:)

A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile. Amen.

Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.

Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh.

Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile.

Seadh, fhuaireadh sinne nar fianaisean brèige air Dia; do bhrìgh gun do rinn sinn fianais a‑thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd; neach nach do thog e suas, mura èirich na mairbh.

Agus thog Dia araon an Tighearna suas, agus togaidh e sinne suas tre a chumhachd fhèin mar an ceudna.

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.

Air dhuinn fios a bhith againn, an tì a thog suas an Tighearna Iosa, gun tog e sinne suas mar an ceudna tre Iosa, agus gun cuir e na làthair sinn maille ribhse.

Pòl abstol (chan ann o dhaoine, no tre dhuine, ach tre Iosa Crìosd, agus tre Dhia an t‑Athair, a thog suas e o na mairbh),

A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh,

Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh.

Air dhuibh a bhith adhlaicte maille ris ann am baisteadh, anns a bheil sibh mar an ceudna air ur togail suas maille ris tre chreideamh obrachadh Dhè a thog suas esan o na mairbh.

Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd.

Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.

A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.

Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Ag ràdh, Is i seo fuil an tiomnaidh a dh’àithn Dia dhuibh.

Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.

Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama.

Agus nuair a dh’fhoillsichear an t‑Ard-bhuachaille, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan