Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.
Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.
A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.
An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.
Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.
Feuchaibh nach ìoc neach olc airson uilc do dhuine sam bith; ach leanaibh-se a‑ghnàth an nì a tha math, araon dur taobh fhèin, agus a‑thaobh nan uile dhaoine.
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.