Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt-bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A‑nis choisrig sibh sibh fhèin don Tighearna: thigibh am fagas, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais do thaigh an Tighearna. Agus thug an coitheanal a‑steach ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach nan cridhe, tabhartasan-loisgte.

Agus chàraich e altair an Tighearna, agus dh’ìobair e oirre ìobairtean-sìthe agus buidheachais, agus dh’àithn e do Iùdah seirbhis a dhèanamh don Tighearna Dia Israeil.

Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.

Agus fhreagair iad a chèile ann am moladh, agus ann an tabhairt buidheachais don Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, nuair a mhol iad an Tighearna, a chionn gun do leagadh bunait taigh an Tighearna.

An sin sheas an dà chuideachd a bha a‑chum molaidh ann an taigh Dhè, agus mise agus leth an luchd-riaghlaidh maille rium:

Agus dh’ìobair iad air an là sin ìobairtean mòra, agus rinn iad gàirdeachas; oir thug Dia orra gàirdeachas a dhèanamh le aoibhneas mòr: rinn na mnathan mar an ceudna agus a’ chlann gàirdeachas, agus chualas gàirdeachas Ierusaleim an cèin.

Fosglaibh dhomh geatachan an ionracais; thèid mi a‑steach orra, agus molaidh mi an Tighearna.

Gabh uam gu taitneach, guidheam ort, a Thighearna, saor-thabhartasan mo bheòil, agus teagaisg dhomh do bhreitheanais.

Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi dod ainm.

Iobair ìobairt-bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean don Tì as àirde.

Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhòmhsa; agus dhàsan a dh’òrdaicheas a shlighe, nochdaidh mi slàinte Dhè.

Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

Cha mhò a bhios na sagartan, na Lèbhithich, gun duine ann am làthair-sa, a dh’ìobradh thabhartas-loisgte, agus a losgadh thabhartas-bìdh, agus a dhèanamh ìobairt an còmhnaidh.

Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean.

Mas ann mar bhreith-buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt-bhuidheachais, breacagan neo-ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh.

Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.

Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.

Tha mi a’ labhairt mar dhuine, airson anfhainneachd ur feòla-se: oir mar a thug sibh ur buill mar sheirbhisich do neòghlaine, agus do euceart a‑chum euceirt, amhail sin a‑nis thugaibh ur buill mar sheirbhisich don fhìreantachd, a‑chum naomhachd.

Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.

A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd-compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas:

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.

Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.

Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan