An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.
Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a nì iad geur-leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth-sa.
Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.
Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh gach là, agus leanadh e mise.
Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur-leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.
Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò-mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh: