Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a‑steach airson peacaidh don ionad naomh leis an àrd-shagart, air an losgadh an leth a‑muigh den champ.
Agus an tarbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh, agus am boc-goibhre airson na h‑ìobairt-pheacaidh, den tugadh am fuil a‑steach a-chum rèite a dhèanamh anns an ionad naomh, bheirear a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ; agus loisgidh iad anns an teine an craiceann, agus am feòil, agus an aolach.
Ach chan ithear ìobairt-pheacaidh sam bith, den tugadh a’ bheag den fhuil a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a dhèanamh rèite anns an ionad naomh; loisgear anns an teine i.
Agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh; agus thum e a mheur anns an fhuil, agus chuir e air adhaircean na h‑altarach i, agus dhòirt e a‑mach an fhuil aig bun na h‑altarach.
An sin nighidh an sagart a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus an dèidh sin thig e a‑steach don champ, agus bidh an sagart neòghlan gu feasgar.