Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 13:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis.

Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain.

Nach eil fhios agaibh gu bheil iadsan a tha a’ saothrachadh mu thimcheall nithean naomha air am beathachadh on teampall? Agus iadsan a tha a’ frithealadh don altair, gu bheil co‑roinn aca ris an altair?

Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan