Eabhraidhich 12:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò? Faic an caibideil |
Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?