Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:
Gu deimhinn chuala mi Ephraim a’ caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a’ chuing: till thusa mi, agus bidh mi air mo thilleadh: oir is tu an Tighearna mo Dhia.