Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

46 Iomraidhean Croise  

Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair, is beag do neart.

Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.

Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thubhairt iad, Chan eil am fear seo a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebub, prionnsa nan deamhan.

Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.

Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd-shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut?

Ach nuair a bu mhiann leo breith air, bha eagal a’ phobaill orra, oir bha meas fàidh acasan air.

An sin dh’imich na Pharasaich, agus ghabh iad comhairle cionnas a dh’fhaodadh iad esan a ribeadh na chainnt.

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu.

Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.

Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:

Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Agus thubhairt mòran dhiubh, Tha deamhan aige, agus tha e air bhoil; carson a tha sibh ag èisdeachd ris?

Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd-shagart?

Agus air a shon seo rinn na h‑Iùdhaich geur-leanmhainn air Iosa, agus dh’iarr iad a mharbhadh, do bhrìgh gun do rinn e na nithean seo air an t‑sàbaid.

Agus bha borbhan mòr am measg an t‑sluaigh ma thimcheall: oir thubhairt cuid, Is duine math e: ach thubhairt cuid eile, Chan eadh; ach tha e a’ mealladh an t‑sluaigh.

Uime sin thubhairt na Pharasaich ris, Tha thu a’ toirt fianais mud thimcheall fhèin; chan eil d’fhianais fìor.

An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal-sa, cha bhlais e bàs am feasd.

An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad.

Agus chuala cuid de na Pharasaich, a bha maille ris, na nithean seo, agus thubhairt iad ris, A bheil sinne dall mar an ceudna?

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Uime sin, air don mhinistrealachd seo a bhith againn, a rèir mar a fhuair sinn tròcair, chan eil sinn a’ fannachadh:

Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son;

Agus sibhse, a bhràithrean, na sgìthichibh de dhèanamh maith.

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:

Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:

Agus gun do ghiùlain thu, agus gu bheil foighidinn agad, agus air sgàth m’ainme-sa gun do rinn thu saothair, agus nach tug thu thairis.

A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan