Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

45 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

Molaibh-se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal.

Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.

Mar an ceudna nì mi mo chiad-ghin dheth, àrd os cionn rìghrean na talmhainn.

Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.

Ardaich thu fhèin, a Bhritheamh na talmhainn; ìoc luigheachd do na h‑uaibhrich.

An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal le ceartas, agus air na slòigh le a fhìrinn.

An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd a thabhairt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, agus air na slòigh ann an ceartas.

Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

Gidheadh a‑nis, mas toil leat, maith dhaibh am peacadh; ach mura maith, dubh mise, guidheam ort, a‑mach as do leabhar a sgrìobh thu.

Agus their thu ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Is e Israel mo mhac, mo chiad-ghin:

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Thig iad le gul, agus le caomhalachd nì mise an treòrachadh; treòraichidh mi iad ri taobh nan sruthan uisge, air slighe rèidh, far nach faigh iad tuisleadh; oir tha mise ann am athair do Israel; agus Ephraim, is esan mo chiad-ghin.

Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.

Agus thug e mar an ceudna dha ùghdarras a‑chum breith a thabhairt, do bhrìgh gur e Mac an Duine.

Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.

Agus mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine thalmhaidh, giùlanaidh sinn mar an ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidh.

Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh.

Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.

Agus chuir e na h‑uile nithean fo a chasan, agus thug e e gu bhith na cheann os cionn nan uile nithean don eaglais,

Ach gabhaidh e ri mac na mnà fuathaichte mar an ciad-ghin, le roinn dhùbailte a thoirt dha de gach nì a tha aige: oir is esan toiseach a neirt, is leis còir a’ chiad-ghin.

Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.

A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd-compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas:

Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais:

(Oir mura aithne do dhuine a thaigh fhèin a riaghladh, cionnas a ghabhas e cùram de eaglais Dhè?)

Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.

Air do Dhia nì‑eigin as fheàrr a sholar dhuinne, ionnas nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe as ar n‑eugmhais-ne.

Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut.

Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas:

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan