Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

49 Iomraidhean Croise  

Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh.

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Tha tart air m’anam an dèidh Dhè, an dèidh an Dè bheò; cuin a thig mi agus a nochdar mi am fianais Dhè?

Tha sliabh Shioin sgiamhach na shuidheachadh; is e aoibhneas na talmhainn uile; air an taobh mu thuath tha baile an Rìgh mhòir.

Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.

Tha m’anam a’ miannachadh, seadh, eadhon a’ fannachadh le dèidh air cùirtean an Tighearna; tha mo chridhe agus m’fheòil ag èigheach gu h‑àrd airson an Dè bheò.

Innsear nithean glòrmhor ortsa, a chathair Dhè. Selah.

Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean-àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil.

Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas.

An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun sèidear a’ ghall-tromp mhòr: agus thig iadsan a bha a’ bàsachadh ann an tìr Asiria, agus iadsan a bha air an sgapadh ann an tìr na h‑Eiphit; agus sleuchdaidh iad sìos don Tighearna, anns an t‑sliabh naomh ann an Ierusalem.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.

Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.

Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.

Agus thig am Fear-saoraidh gu Sion, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob, deir an Tighearna.

Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.

Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.

An sin thèid a‑steach air geatachan a’ bhaile seo rìghrean agus prionnsachan, nan suidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, a’ marcachd air carbadan agus air eich, iad fhèin agus an ceannardan, fir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus daingnichear gu bràth a’ chathair seo.

Tha mise a’ toirt òrdaigh, anns gach uile thighearnas dem rìoghachd, gum bi crith agus eagal air daoine ro Dhia Dhanieil: oir is esan an Dia beò agus bunaiteach gu bràth, agus a rìoghachd-san cha sgriosar a‑chaoidh, agus a uachdaranachd tha gus a’ chrìoch.

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò.

Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna.

Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.

Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e.

Agus mar sin bidh Israel uile air an tèarnadh: mar a tha e sgrìobhte, Thig am Fear-saoraidh o Shion, agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhachd o Iàcob:

Agus tàrlaidh, anns an ionad anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo phoball-sa; an sin gun goirear clann an Dè bheò dhiubh.

Ach tha an Ierusalem a tha shuas saor, agus is màthair dhuinn uile i.

A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè;

Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearna o Shinài, agus dh’èirich e suas dhaibh o Sheir; dhealraich e a‑mach o shliabh Pharain, agus thàinig e le deich mìle de naoimh: o a dheas làimh chaidh lagh teine a‑mach dhaibh.

Oir cò den uile fheòil a chuala guth an Dè bheò a’ labhairt à meadhon an teine, mar a rinn sinne, agus a mhair beò?

Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;

Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall-ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh-se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor,

Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.

Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear-dealbhaidh agus na fhear-togail.

Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.

Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.

Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh,

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.

Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia,

Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.

Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Agus chunnaic mi aingeal eile ag èirigh on àird an ear, aig an robh seula an Dè bheò: agus ghlaodh e le guth mòr ris na ceithir aingil, don tugadh cumhachd cron a dhèanamh air an talamh agus air an fhairge,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan