Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

78 Iomraidhean Croise  

Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.

Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel, agus chan iarr iad an Tighearna.

Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.

Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.

Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.

Ach seallaidh mise ris an Tighearna: bidh mo dhòchas ann an Dia mo shlàinte: èisdidh mo Dhia rium.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Agus rinn Maois nathair umha, agus chuir e air crann i: agus thàrladh, ma lot nathair duine sam bith, agus gun d’amhairc e air an nathair umha, gun d’fhan e beò.

On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.

Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.

Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.

Agus ghlaodh athair an leinibh a‑mach air ball, agus thubhairt e le deòir, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì-chreideamh.

Agus thubhairt na h‑Abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh.

Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.

Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.

Agus mise, ma thogar suas on talamh mi, tàirngidh mi na h‑uile dhaoine am ionnsaigh.

Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;

Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.

Bha dèidh mhòr aig Abrahàm ur n‑athair-se air mo là‑sa fhaicinn: agus chunnaic e e, agus rinn e gàirdeachas.

Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse.

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

Esan dh’àrdaich Dia le a dheas-làimh na Cheannard agus na Shlànaighear, a thoirt aithreachais agus maitheanas pheacaidhean do Israel.

Agus dh’imich iadsan o làthair na comhairle, le gàirdeachas a chionn gun do mheasadh gum b’airidh iad air eas-urram fhulang airson a ainme-san.

Oir tha searmonachadh a’ chroinn-cheusaidh na amaideachd dhaibhsan a chaillear; ach dhuinne a shaorar is e cumhachd Dhè e.

Ach tha sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, na cheap-tuislidh do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich na amaideachd;

Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin;

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;

O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.

Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl-chas fod chasan?

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh.

Ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur ball-amhairc, araon tre mhaslaidhean agus thrioblaidean; agus ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur companaich dhaibhsan ris an do bhuineadh mar sin.

Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.

Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.

Air an adhbhar sin, rachamaid a‑mach da ionnsaigh-san an taobh a‑muigh den champ, a’ giùlan a mhaslaidh.

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;

Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia.

A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan;

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Mo bhràithrean, na biodh agaibh creideamh ar Tighearna Iosa Crìosd, Tighearna na glòire, maille ri gnùis-bhreith.

A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.

Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

Coimheadaibh sibh fhèin ann an gràdh Dhè, le sùil ri tròcair ar Tighearna Iosa Crìosd a‑chum na beatha maireannaich.

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan