Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Neartaichibh-se na làmhan laga, agus daingnichibh na glùinean anfhann.

An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh teanga a’ bhalbhain; oir anns an fhàsach brisidh uisgeachan a‑mach, agus sruthan anns an dìthreabh.

Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.

Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear-càraidh a’ bheuma, Fear-aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh.

Ach dhìochuimhnich mo shluagh mise, loisg iad tùis do dhìomhanas, agus thug iad orra tuisleachadh nan slighean a bha nan seann ròidean, gu gluasad air ceuman eile, air slighe nach eil dèante;

Bidh gach gleann air a lìonadh, agus gach beinn agus cnoc air an ìsleachadh; agus bidh na nithean cama air an dèanamh dìreach, agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh;

Ach nuair a chunnaic mise nach do ghluais iad gu treibhdhireach, a rèir fìrinn an t‑soisgeil, thubhairt mi ri Peadar nam fianais uile, Ma tha thusa, a tha ad Iùdhach, a’ caitheamh do bheatha a rèir nan Cinneach, agus chan ann a rèir nan Iùdhach, carson a tha thu ag èigneachadh nan Cinneach am beatha a chaitheamh mar na h‑Iùdhaich?

A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.

Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.

Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan