Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus bha an nì ro‑dhoilgheasach ann an sùilean Abrahàim airson a mhic.

Throm-smachdaich an Tighearna mi, ach gu bàs cha tug e thairis mi.

Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.

An sin fiosraichidh mi le slait an easaontas, agus le buillean an euceart.

Is searbh smachdachadh dhàsan a thrèigeas an t‑slighe; ach gheibh esan lem fuathach achmhasan, bàs.

Smachdaich do mhac am feadh a tha dòchas da thaobh, agus na caomhnadh d’anam airson a ghearain.

Agus buailidh an Tighearna an Eiphit, a’ bualadh agus a’ leigheas; agus tillidh iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus èisdidh esan rin guidhe, agus lèighsidh e iad.

Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.

Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.

Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd.

Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.

Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh;

Aig a bheil an sùilean làn adhaltranais, agus do nach eil e an comas sgur de pheacadh; a’ mealladh anaman neo-shuidhichte; aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gnìomharan sanntach; clann nam mallachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan