Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 12:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

52 Iomraidhean Croise  

Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran?

Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd.

Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid-tàimh?

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.

Èiridh tu suas, agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhail ri neul a dh’fhalach an fhearainn, thu fhèin agus d’uile bhuidhnean, agus mòran sluaigh maille riut.

Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa.

Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.

Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo.

Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.

Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais.

Agus chreid mòran de Shamaritanaich a’ bhaile sin ann, airson cainnt na mnà a thug fianais, ag ràdh, Dh’innis e dhomh na h‑uile nithean a rinn mi riamh.

Oir thug Iosa fhèin fianais nach eil urram aig fàidh na thìr fhèin.

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

Agus chaidh mi suas a rèir foillseachaidh, agus chuir mi an cèill dhaibh an soisgeul a tha mi a’ searmonachadh am measg nan Cinneach, ach ann an uaigneas dhaibhsan air an robh meas, air eagal air chor sam bith gun ruithinn, no gun do ruith mi, gu dìomhain.

Is math a ruith sibh; cò a bhac sibh o bhith umhail don fhìrinn?

Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile.

Air dhuibh an còmhrag ceudna a bhith agaibh a chunnaic sibh annamsa, agus a tha sibh a‑nis a’ cluinntinn a bhith annam.

A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain.

Cha dèan neach sam bith a leanas an cogadh e fhèin a ribeadh ann an gnothaichean na beatha seo: a‑chum gun toilich e an tì a thagh e gu bhith na shaighdear.

Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh.

Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh.

Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn.

Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana-cainnt,

A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana-miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè.

Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail-sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor-ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh.

Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd;

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.

A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan