Eabhraidhich 11:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol. Faic an caibideil |
Chan ann airson d’fhìreantachd, no airson ionracas do chridhe, a tha thu a’ dol a shealbhachadh am fearainn; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna do Dhia gam fògradh a‑mach od làthair-sa, agus a‑chum gun coilean e am facal a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob.