Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.

Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.

Mar seo rinn Nòah; a rèir gach nì a dh’àithn Dia dha, mar sin rinn e.

Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.

Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn: agus dh’fhàgadh a‑mhàin Nòah, agus na bha maille ris anns an àirc.

Agus rinn Nòah a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha.

Rach a‑mach as an àirc, thu fhèin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.

Agus dh’fhalbh i uaithe, agus dhruid i an doras oirre fhèin, agus air a mic, agus thug iadsan na soithichean da h‑ionnsaigh, agus thaom ise a‑mach.

Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia.

Ged bhiodh Nòah, Daniel, agus Iob ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd.

Chuala e fuaim na trompaid, agus cha do ghabh e rabhadh, bidh a fhuil air fhèin: ach esan a ghabhas rabhadh tèarnaidh e a anam.

Agus air faotainn rabhaidh o Dhia ann am bruadar, gun iad a thilleadh a dh’ionnsaigh Heroid, chaidh iad dan dùthaich fhèin air slighe eile.

Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),

Feuch, dh’innis mi dhuibh e ro‑làimh.

Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc,

Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh-san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?

Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine:

Oir tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh ann tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.

Ach mar seo tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, Na abair nad chridhe, Cò a thèid suas air nèamh? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑nuas;)

Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:

Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:

Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh.

Ciod a their sinn mas eadh? Gun do ràinig na Cinnich, nach robh a’ leantainn fìreantachd, air fìreantachd, eadhon an fhìreantachd a tha o chreideamh:

Oir tha sinne tre an Spiorad a’ feitheamh ri dòchas fìreantachd o chreideamh.

Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:

A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.

Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:

Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.

Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.

A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.

Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd:

Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;

Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan