Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Agus their iad ri Dia, Imich uainn; oir chan àill leinn eòlas do shlighean.

Agus rinn iad tarcais air an tìr thaitnich; cha do chreid iad a fhacal.

Lem uile chridhe dh’iarr mi thu; na leig dhomh dol air seachran o d’àitheantan.

An sin their duine, Gu deimhinn tha duais ann don fhìrean; gu cinnteach tha Dia ann a tha a’ toirt breith air an talamh.

Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.

A chionn nach do chreid iad ann an Dia, agus nach d’earb iad as a shlàinte;

An dèidh seo gu lèir, pheacaich iad fhathast, agus cha do chreid iad airson a obraichean iongantach-san.

Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.

Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.

O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg?

Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh.

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.

Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;

Ach iarraibh-se rìoghachd Dhè, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.

Ach cionnas a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? Agus cionnas a chluinneas iad gun searmonaiche?

Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.

A’ meas gum bu mhò an saoibhreas masladh Chrìosd na ionmhasan na h‑Eiphit: oir bha sùil aige ris an luach-saothrach.

Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e.

Do bhrìgh uime sin gun tuigear uaithe seo gun tèid dream àraidh a‑steach ann, agus nach deachaidh an dream, don do shearmonaicheadh e air tùs, a‑steach airson am mì‑chreidimh;

Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia.

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.

Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh:

Agus a thuilleadh air seo, air dèanamh an uile dhìchill dhuibh, cuiribh ri ur creideamh deagh-bheus; agus ri deagh-bheus eòlas;

Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis-san ann an sìth sibh, gun smal agus neo-lochdach:

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Gun dìoladh an Tighearna do shaothair, agus gu robh do dhuais iomlan on Tighearna Dia Israeil, fo sgiathan an tàinig thu a chur do dhòchais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan