Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thachair, nuair a bha an Tighearna gu Eliah a thogail suas le iomaghaoith do na nèamhan, gun deachaidh Eliah maille ri Elisa o Ghilgal.

Agus nuair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chèile iad: agus chaidh Eliah suas le iomaghaoith do na nèamhan.

Cò e an duine a tha beò agus nach faic am bàs, no a theasairgeas a anam fhèin o làimh na h‑uaighe?

Agus dh’àithn an rìgh do Ierahmeel mac Hameleich, agus do Sheraiah mac Asrieil, agus do Shelemiah mac Abdeeil, Baruch an sgrìobhaiche agus Ieremiah am fàidh a ghlacadh: ach dh’fhalaich an Tighearna iad.

Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad Naomh nach faiceadh e bàs gus am faiceadh e Crìosd an Tighearna.

Mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhahelil, mhic Chainain,

Ach mar a mheasadh sinn le Dia iomchaidh gum biodh an soisgeul air earbsa rinn, is amhail sin a labhramaid, chan ann mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach Dhè, a tha a’ dearbhadh ar cridheachan.

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.

Agus ge bè nì a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithe e, do bhrìgh gu bheil sinn a’ coimhead a àitheantan, agus a’ dèanamh nan nithean a tha taitneach na fhianais.

Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan