Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh seo uile deagh theisteas fhaotainn tre chreideamh, cha d’fhuair iad an gealladh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.

Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn-chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fhèin.

Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas.

Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan