Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Dream air nach b’airidh an saoghal); a’ dol air seachran ann am fàsaichean, agus air slèibhtean, agus ann an uaimhean agus ann an sluic na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Imich as a seo, agus tionndaidh thu fhèin a làimh na h‑àird an ear, agus falaich thu fhèin aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain.

Nach d’innseadh dom thighearna ciod a rinn mi nuair a mharbh Iesebel fàidhean an Tighearna, mar a dh’fhalaich mi ceud fear de fhàidhean an Tighearna nan lethcheudan ann an uaimh, agus a bheathaich mi iad le aran agus le uisge?

Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan lethcheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:)

Agus chaidh e a‑steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?

Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd.

A‑nis b’e an sloc anns na do thilg Ismael uile chuirp mharbha nan daoine a mharbh e airson Ghedaliah an sloc sin a rinn Asa an rìgh air eagal Bhaasa rìgh Israeil; lìon Ismaeil mac Netaniah e leòsan a mharbhadh.

Agus bhuadhaich làmh Mhidiain an aghaidh Israeil: agus air sgàth nam Midianach rinn clann Israeil dhaibh fhèin na sluic a tha anns na beanntan, agus na h‑uamhan, agus na daingnichean làidir.

Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh.

Agus chunnaic Daibhidh gu robh Saul air dol a‑mach a dh’iarraidh a anama; agus bha Daibhidh ann am fàsach Shiph ann an coille.

An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon?

Faicibh matà, agus biodh fios agaibh air gach àite-falaich anns a bheil e ga fhalach fhèin, agus thigibh am ionnsaigh a‑rìs le fios cinnteach, agus thèid mise maille ribh: agus an sin, ma bhios e anns an tìr, rannsaichidh mise a‑mach e air feadh uile mhìltean Iùdah.

Agus thàinig na Siphich a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin ann an sliabh Hachilah fa chomhair Iesimoin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan