Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

45 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh maighistir Iòseiph e, agus chuir e anns a’ phrìosan e, far an robh prìosanaich an rìgh ceangailte: agus bha e an sin anns a’ phrìosan.

Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?

Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an tig mise ann an sìth.

Agus chaidh e suas as a sin gu Betel: agus nuair a bha e a’ dol suas air an t‑slighe, thàinig clann bheag a‑mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanaid air, agus thubhairt iad ris, Gabh suas, fhir mhaoil; gabh suas, fhir mhaoil.

An sin bha fearg air Asa ris an fhear-sheallaidh, agus chuir e ann an taigh-prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin.

Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an till mise ann an sìth.

Agus chaidh na gillean-ruith thairis o bhaile gu baile, air feadh tìr Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanaid orra, agus a’ dèanamh ball-magaidh dhiubh.

Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.

An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an taigh-smachdachaidh e, a bha aig geata uachdarach Bheniàmin, làimh ri taigh an Tighearna.

Mheall thu mi, O Thighearna, agus bha mi air mo mhealladh; is tu as treasa na mise, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis-mhagaidh gach là, gach aon ri fanaid orm.

Rinn an Tighearna dhìotsa sagart ann an àite Iehoiada an sagart, a‑chum gum biodh luchd-riaghailt ann an taigh an Tighearna, airson gach duine a tha air a’ chuthach, agus a’ dèanamh dheth fhèin fàidh, a chur anns an taigh-smachdachaidh, agus ann an sàs.

Agus thàinig Hanameel, mac bràthar-m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir-sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna.

Uime sin, imich thusa agus leugh anns a’ chlàr a sgrìobh thu om bheul-sa briathran an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh, ann an taigh an Tighearna, air là an traisg: agus fòs leughaidh tu iad ann an èisdeachd Iùdah uile a thig a‑mach as am bailtean.

Mar sin dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain, gus an là anns an do ghlacadh Ierusalem; agus bha e an sin nuair a ghlacadh Ierusalem.

Agus thàinig facal an Tighearna a‑chum Ieremiah, nuair a bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain, ag ràdh,

Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean.

Agus bheir iad thairis e do na Cinnich a‑chum fanaid a dhèanamh air, agus a‑chum sgiùrsadh, agus a cheusadh: ach air an treas là èiridh e a‑rìs.

Agus rug an tuath air a sheirbhisich, agus ghabh iad air fear dhiubh, agus mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile.

Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan, agus nì sibh geur-leanmhainn orra o bhaile gu baile:

An sin leig e fa sgaoil Barabas dhaibh: ach air dha Iosa a sgiùrsadh, thug e thairis e a‑chum a cheusadh.

Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

Oir bheirear thairis e do na Cinnich, agus thèid fanaid a dhèanamh air, agus maslaichear e, agus tilgear smugaid air;

Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.

Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha.

An sin thàinig an t‑àrd-cheannard am fagas agus rug e air, agus dh’àithn e a cheangal le dà shlabhraidh; agus dh’fhiosraich e cò e, agus ciod a rinn e.

Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.

Agus chuir iad làmh annta, agus chuir iad ann am prìosan iad gus an là màireach: oir b’e a‑nis am feasgar a bha ann.

Agus chuir iad làmh anns na h‑abstoil, agus chuir iad anns a’ phrìosan chumanta iad.

Agus dh’aontaich iad leis-san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad.

Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.

Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;

Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;

Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh:

Airson a bheil mise a’ fulang mar fhear droch-bheairt, eadhon gu gèimhlean; ach chan eil facal Dhè ceangailte.

Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.

Agus nuair a bha an cridheachan subhach, thubhairt iad, Gairmibh air Samson, a‑chum gun dèan e fearas-chuideachd dhuinn. Agus ghairm iad air Samson à taigh a’ phrìosain; agus rinn e fearas-chuideachd nan làthair: agus chuir iad e eadar na puist.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan