Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis Ahab do Iesebel na h‑uile nithean a rinn Eliah, agus cionnas a mharbh e na fàidhean uile leis a’ chlaidheamh.

Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer-sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin.

Agus thubhairt mic nam fàidh ri Elisa, Feuch a‑nis, tha an t‑àit anns a bheil sinn a chòmhnaidh maille riut ro‑chumhang air ar son.

Ach bha Elisa na shuidhe na thaigh, agus na seanairean nan suidhe maille ris: agus chuir an rìgh duine uaithe as a làthaireachd fhèin: ach mun tàinig an teachdaire da ionnsaigh thubhairt e ris na seanairean, Am faic sibhse mar a chuir mac seo a’ mhortair duine a thoirt mo chinn dhìomsa? Thugaibh an aire nuair a thig an teachdaire, druidibh an doras, agus cumaibh gu daingeann e aig an doras: nach eil fuaim casan a thighearna na dhèidh?

Agus thionndaidh an Tighearna braighdeanas Iob, nuair a rinn e ùrnaigh airson a chàirdean: agus thug an Tighearna do Iob a dhà uiread is a bha aige roimhe.

Ann an gorta tèarnaidh e thu on bhàs; agus ann an cogadh, o chumhachd a’ chlaidheimh.

Chaidh ar n‑anam as mar eun a ribe nan eunadair; bhriseadh an ribe, agus chaidh sinn as.

Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach.

Imichibh uam, sibhse uile a luchd-dèanamh na h‑euceirt, oir chuala an Tighearna guth mo chaoidh.

Thug thu air daoine marcachd thar ar cinn; chaidh sinn tro theine agus tro uisge, ach thug thu a‑mach sinn gu ionad saoibhir.

Agus b’e ainm an fhir eile Elièser, (oir rinn Dia m’athar, thubhairt e, còmhnadh rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Phàraoh).

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Gidheadh bha làmh Ahicaim mhic Shaphain le Ieremiah, a‑chum nach biodh e air a thoirt thairis do làimh an t‑sluaigh, gu a chur gu bàs.

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.

A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo-ghnàthach dhuibh:

Agus bhuail e iad muin air mhuin le àr mòr: agus chaidh e sìos agus ghabh e còmhnaidh ann an uaimh carraig Etaim.

Agus thilg Saul an t‑sleagh, agus thubhairt e, Buailidh mi Daibhidh leatha gu ruig am balla: ach tharraing Daibhidh as a làthair dà uair.

Agus dh’iarr Saul Daibhidh a bhualadh gu ruig am balla leis an t‑sleagh; ach tharraing e air falbh à làthair Shauil, agus bhuail e an t‑sleagh a‑steach anns a’ bhalla: agus theich Daibhidh, agus chaidh e as air an oidhche sin.

Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan