Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

38 Iomraidhean Croise  

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.

Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.

An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.

Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh.

Agus tha mar an ceudna mòran de nithean eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhèin na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichean. Amen.

Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san.

Agus na dhèidh sin mu thimcheall ceithir cheud agus lethcheud bliadhna, thug e dhaibh britheamhan, gu Samuel am fàidh.

Seadh, dh’fhoillsich na fàidhean uile o Shamuel, agus iadsan a lean o sin, a mheud dhiubh is a labhair ro‑làimh mu na làithean seo.

Ach ma mholas ar n‑eucoir-ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?

Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair Abrahàm a rèir na feòla?

Ciod, matà, a their sinn? Am buanaich sinn anns a’ pheacadh, a‑chum gum meudaichear gràs?

Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich.

Gabhaibh, mo bhràithrean, na fàidhean, a labhair ann an ainm an Tighearna, nan eisimpleir air anshocair fhulang, agus air foighidinn.

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.

A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne-ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir:

Agus rug a’ bhean leanabh, agus thug i Samson mar ainm air: agus dh’fhàs an leanabh, agus bheannaich an Tighearna e.

Agus thug e breith air Israel ann an làithean nam Philisteach fichead bliadhna.

Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna, nuair a bha Ehud marbh.

Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Mhidiain rè seachd bliadhna.

Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar-bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich.

Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu?

Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna.

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.

An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan.

Agus dh’imich Elcanah gu Ramah da thaigh; agus fhritheil an leanabh don Tighearna am fianais Eli, an sagart.

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.

Tha boghannan nan daoine treuna air am briseadh agus tha iadsan a thuislich air an crioslachadh le neart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan