Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.
Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.
Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin a‑chum an Dè bheò, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta:
An Dia a rinn an saoghal, agus na h‑uile nithean a tha ann, do bhrìgh gur e fhèin Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh-dhèante:
(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:
Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.