Oir is fheàrr là ad chùirtean na mìle; b’fheàrr leam a bhith ri dorsaireachd ann an taigh mo Dhè na a bhith am chòmhnaidh ann am pàilleanan aingidheachd;
Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum.
Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.
Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Eiphit thu.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;
Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais:
Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas;
Chlachadh iad, shàbhadh as a chèile iad, bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs leis a’ chlaidheamh iad: chaidh iad mun cuairt nam fògarraich ann an craicinn chaorach agus ghobhar, ann an uireasbhaidh, ann an trioblaidean, ann an cràdh;
A mheud is a ghlòraich i i fhèin, agus a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr is sin thugaibh dhi de pheanas agus de bhròn: oir tha i ag ràdh na cridhe fhèin, Tha mi am shuidhe am bhànrighinn, agus cha bhantrach mi, agus chan fhaic mi bròn.