Eabhraidhich 11:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh. Faic an caibideil |
A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.