Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 11:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;

Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.

Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.

Bha Iùdah agus Israel lìonmhor, mar a’ ghaineamh a tha ri taobh na fairge air lìonmhorachd, ag ithe, agus ag òl, agus a’ dèanamh subhachais.

Ach cha do ghabh Daibhidh an àireamh o aois fichead bliadhna agus foidhe; a chionn gun dubhairt an Tighearna gun dèanadh e Israel lìonmhor mar reultan nan nèamh.

Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reultan nan nèamh, agus thug thu iad don tìr mun dubhairt thu ri an athraichean, gun rachadh iad a‑steach ga sealbhachadh.

Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.

Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh, ruithidh e thairis le ceartas.

Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh-chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.

Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh.

Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò.

Thig iad uile airson ainneirt: sgriosaidh iad romhpa mar a’ ghaoth an ear; agus cruinnichidh iad braighdean mar a’ ghaineamh.

Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar.

Rinn an Tighearna ur Dia lìonmhor sibh, agus, feuch, tha sibh an‑diugh mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia.

Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor.

Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.

Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.

Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh-sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan