An sin thubhairt e, Feuch, tha mi a’ teachd a dhèanamh do thoil-sa, O Dhè. Tha e a’ cur air cùl a’ chiad nì, a‑chum gun daingnich e an dara nì.
An sin thubhairt mi, Feuch, tha mi a’ teachd; ann an ròla an leabhair tha e sgrìobhte ormsa.
Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.
An sin thubhairt mise, Feuch, tha mi a’ teachd (ann an ròla an leabhair tha siud sgrìobhte orm), a‑chum do thoil-sa a dhèanamh, O Dhè.