Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann an ìobairtean-loisgte, agus ann an ìobairtean airson peacaidh cha robh tlachd agad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair.

Ann an ìobairt agus ann an tabhartas cha do ghabh thu tlachd; dh’fhosgail thu mo chluasan; ìobairt-loisgte agus ìobairt-pheacaidh cha d’iarr thu.

Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair-sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh.

Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.

Oir chan eil e an comas gun tugadh fuil tharbh agus ghobhar peacaidhean air falbh.

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan