Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.
Cò den dithis a rinn toil a athar? Thubhairt iadsan ris, An ciad fhear. Thubhairt Iosa riu, Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun tèid na cìs-mhaoir agus na strìopaichean do rìoghachd Dhè romhaibhse.
Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh.
Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.
Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil.
Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.
A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,
Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo-chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e:
Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.
Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.