Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Am gu cosnadh, agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh;

Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.

Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios?

An sin thàinig an t‑àrd-cheannard am fagas agus rug e air, agus dh’àithn e a cheangal le dà shlabhraidh; agus dh’fhiosraich e cò e, agus ciod a rinn e.

Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo.

Agus dh’imich iadsan o làthair na comhairle, le gàirdeachas a chionn gun do mheasadh gum b’airidh iad air eas-urram fhulang airson a ainme-san.

Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;

Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;

Airson a bheil mi am theachdaire ann an gèimhlean: a‑chum gun labhair mi gu dàna uime, mar as còir dhomh labhairt.

Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.

Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:

A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich.

Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh:

Airson a bheil mise a’ fulang mar fhear droch-bheairt, eadhon gu gèimhlean; ach chan eil facal Dhè ceangailte.

O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.

Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.

Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.

Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.

Mo bhràithrean, measaibh mar an uile ghàirdeachas nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuchainnean;

A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse,

A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan