Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir is aithne dhuinn an Tì a thubhairt, Is leamsa an dìoghaltas, agus bheir mi dìoladh uam, tha an Tighearna ag ràdh: agus a‑rìs, Bheir an Tighearna breith air a shluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach.

Gairmidh e air na nèamhan on àirde agus air an talamh, a‑chum breith a thoirt air a shluagh.

A Dhè an dìoghaltais, a Thighearna Dhè an dìoghaltais, dealraich a‑mach.

An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal le ceartas, agus air na slòigh le a fhìrinn.

An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd a thabhairt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, agus air na slòigh ann an ceartas.

Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd-èideadh; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing.

A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn;

Oir bha là an dìoghaltais ann am chridhe, agus bha bliadhna mo mhuinntir shaorte air teachd.

Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh.

Agus air ur son-se, O mo threud; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise breith eadar sprèidh agus sprèidh, eadhon na reitheachan agus na gobhair fhireann.

Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.

Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean.

A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.

Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc.

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.

Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar as beò an Tighearna, buailidh an Tighearna e, no thig a là anns am faigh e bàs, no thèid e sìos don chath agus tuitidh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan