Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?
Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.
Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a-chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh: