Agus ma pheacaicheas coitheanal Israeil uile trìd aineolais, agus gu bheil an nì falaichte o shùilean a’ cho-chruinneachaidh, agus gun do rinn iad nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil iad ciontach;
Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna (a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh) agus gun dèan e nì an aghaidh aoin dhiubh;
Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.
Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel.
A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:
Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.
Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.