Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e.

Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre.

An sin chuir gach aon de na deisciobail roimhe, a rèir a chomais, còmhnadh a chur a‑chum nam bràithrean a bha a chòmhnaidh ann an Iudèa.

Ach ciod a tha freagradh Dhè ag ràdh ris? Dh’fhàg mi dhomh fhèin seachd mìle fear, nach do lùb an glùn do dhealbh Bhàail.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

A rèir mar a tha mise a’ dèanamh toil nan uile dhaoine anns na h‑uile nithean, gun a bhith ag iarraidh mo bhuannachd fhèin, ach buannachd mhòran, a‑chum gun tèarnar iad.

Rinneadh mi dhaibhsan a tha anfhann mar dhuine anfhann, a‑chum gun cosnainn an dream a tha anfhann: bha mi anns an uile chruth do na h‑uile dhaoine, a‑chum air gach uile dhòigh gun saorainn cuideigin.

Chan eil mi a’ labhairt seo mar àithne, ach a‑thaobh dùrachd dhaoine eile, agus a dhearbhadh treibhdhireas ur gràidh-se.

Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.

Oir, a bhràithrean, ghairmeadh a‑chum saorsa sibh; a‑mhàin na dèanaibh an t‑saorsa na cion-fàth don fheòil, ach le gràdh dèanaibh seirbhis da chèile.

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,

Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.

A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;

Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.

Chan e nach eil comas againn, ach a‑chum gun dèanamaid sinn fhèin nar n‑eisempleir dhuibhse, gu ar leantainn.

Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach;

A‑chum gun teagaisg iad na mnathan òga a bhith ciallach, gràdhach air am fir, gràdhach air an cloinn,

Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh-chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.

Fanadh gràdh bràthaireil agaibh.

Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.

Ach earalaichibh a chèile gach là, am feadh a ghoirear An Là‑an‑diugh dheth; air eagal gun cruadhaichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a’ pheacaidh.

Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan