Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

66 Iomraidhean Croise  

Agus ghluais e ann an uile pheacaidhean a athar, a rinn e roimhe: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh, a athair.

De Shebulun a mheud is a chaidh a‑mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uile innealan cogaidh, deich agus dà‑fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh gun cheilg nan cridhe.

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Molaibh-se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal.

Lem uile chridhe dh’iarr mi thu; na leig dhomh dol air seachran o d’àitheantan.

Ghlaodh mi lem uile chridhe; èisd rium, a Thighearna; gleidhidh mi do reachdan.

Is beannaichte iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras e len uile chridhe.

Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimheadaidh mi e lem uile chridhe.

Dh’aslaich mi do dheagh-ghean lem uile chridhe; dèan tròcair orm a rèir d’fhacail.

Dhealbh na h‑uaibhrich breug am aghaidh, ach gleidhidh mise d’àitheantan lem uile chridhe.

Molaidh mi thu le treibhdhireas cridhe, nuair a dh’fhòghlamas mi breitheanais do cheartais,

Biodh mo chridhe treibhdhireach ann ad reachdan, a‑chum nach nàraichear mi.

Bithibh aoibhneach anns an Tighearna, agus dèanaibh gàirdeachas, sibhse a fhìreanan; agus dèanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart ann an cridhe.

Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.

Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; cuiridh mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir.

Ach tillidh breitheanas ri ceartas, agus leanaidh iadsan uile a tha ionraic nan cridhe e.

Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near.

Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe.

Agus fòs an dèidh seo uile cha do thill a piuthar fhealltach Iùdah riumsa le a h‑uile chridhe, ach gu cealgach, deir an Tighearna.

Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna.

An sin nigh mi thu le uisge, seadh, nigh mi d’fhuil gu glan air falbh uat, agus dh’ung mi thu le ola.

An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bidh sibh glan; o ur n‑uile shalchar, agus o ur n‑uile iodhalan glanaidh mi sibh.

Agus crathaidh e airsan a tha gu bhith air a ghlanadh on luibhre, seachd uairean, agus gairmidh e glan e, agus leigidh e as an t‑eun beò air aghaidh na machrach.

An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn-anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad.

Agus thug Maois Aaron agus a mhic leis, agus dh’ionnlaid e iad le uisge.

Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.

Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin.

Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:

Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg-ne;

Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon.

Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.

Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach ann am fianais Dhè.

Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

Anns a bheil againn dànachd agus slighe gu dol a‑steach ann am muinghinn tre a chreideamh-san.

A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal;

A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, le eagal agus crith, ann an treibhdhireas ur cridhe, mar do Chrìosd:

Tre cheilg bhreugairean, air a bhith dan cogaisean air an losgadh le iarann dearg;

Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;

Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:

Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa,

Tre chreideamh ghlèidh e a’ chàisg, agus an dòrtadh fala, a‑chum nach beanadh an tì a sgrios na ciad-ghin riùsan.

Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:

Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia.

An t‑seirbhis a bha a‑mhàin ann am biadhan agus ann an deochan, agus ann an iomadh gnè ionnlaid, agus deas-ghnàthan a‑thaobh na feòla, a chuireadh mar uallaich orra gu àm an leasachaidh.

Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,

Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.

Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan