Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 10:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn-bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

An sin marbhaidh e boc-goibhre na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì e ra fhuil-san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair-thròcair, agus fa chomhair na cathair-thròcair.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.

Ach an taobh a‑staigh den roinn-bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan:

Agus bha brat-roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar.

Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampaill na mheadhon.

An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach.

Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe;

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.

Agus an taobh a‑staigh den dara roinn-bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe;

Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh:

Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.

Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e.

Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan