Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean.
(Thug Eòin fianais uime, agus ghlaodh e, ag ràdh, Is e seo an tì mun do labhair mi, An tì a tha a’ teachd am dhèidh, tha toiseach aige orm; oir bha e romham.)
Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.
Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.
Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh:
Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.