Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.
Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
Oir tha gach uile àrd-shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean:
Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.
A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan;
Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.
Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?